1. Hallò
Seo cumhaichean cleachdaidh a’ BhBC. Innsidh iad dhut:
- Na riaghailtean a thaobh ar seirbheisean a chleachdadh
- Dè dh’fhaodas tu a dhèanamh le ar stuthan (an sgaoileadh, ceangal a dhèanamh riutha, rudan mar sin)
- Dè a dh’fhaodas sinne a dhèanamh le stuth a chuireas tu thugainn no a luchdaicheas tu suas.
Do chòraichean agus do dhleastanasan, gu sìmplidh - stuthan cudromach.
Tha sinn air an cumail cho goirid ’s a ghabhas, agus tha sinn air bhidiothan a chruthachadh airson na pìosan as toinnte. Feuch an leugh thu iad, agus cùm sùil orra bho àm gu àm oir ’s e an dreach as ùire a tha daonnan a’ cunntadh. (Gu h-àbhaisteach cha dèan sinn ùrachadh ach nuair a tha sinn a’ cur seirbheis ùr air bhog, no ag atharrachadh mar a tha sinn a’ lìbhrigeadh seirbheis, no nuair a dh’fheumas sinn gabhail ri riatanas ùr laghail).
2. Nuair a tha na cumhaichean sin buntainneach
Leugh na cumhaichean seo mus cleachd thu ar seirbheisean. Nuair a tha thu a’ cleachdadh ar seirbheisean tha thu ag aontachadh ri na cumhaichean seo.
Mur a cùm thu ri ar cumhaichean air fad faodaidh sinn bacadh a chur ort rè ùine no stad a chur ort bho bhith a’ cleachdadh sheirbheisean no do chunntas.
Ach an toiseach…
3. Dè tha “seirbheisean” agus “stuthan” a’ ciallachadh?
Sin facail a tha na meadhanan a’ cleachdadh airson:
a. Seirbheisean
Càil sam bith didseatach air a dhèanamh leis a’ BhBC. Mar eisimpleir:
- Làraich-lìn (mar bbc.co.uk, BBC News)
- BBC iPlayer
- Apps (mar BBC Sport, BBC News)
- Podcastan
- Stuthan a gheibhear tro cheanglaichean, mar RSS
- Putan Dearg
b. Stuthan
Càil sam bith a tha ri fhaotainn tro na seirbheisean sin. Nam measg:
- Prògraman telebhisean is rèidio
- Teacsa
- Fuaim
- Bhidio
- Ìomhaighean
- Geamannan
- Bathar-bog
- Rudan teicnigeach mar meata-dàta agus còd bun-tùs fosgailte
- Rud sam bith a chaidh a chruthachadh le daoine a tha a’ cleachdadh ar seirbheisean. Stuthan luchd-cleachdaidh a chanas sinn ris.
4. Nuair a tha cumhaichean eile buntainneach
a. Nuair a tha thu a’ cleachdadh seirbheisean a tha tighinn bho BBC Studios no cuideigin eile
Nuair a tha thu a’ cleachdadh seirbheisean chuideigin eile, leithid na meadhanan sòisealta, bidh an cumhaichean fhèin aca.
Tha cuid de sheirbheisean a' tighinn bho BBC Studios. Tha an cumhaichean fhèin aig BBC Studios.
b. Nuair a tha thu a’ cleachdadh seirbheisean far a bheil sinn ag innse dhut gu bheil cumhaichean eile buntainneach
Mar eisimpleir, ma tha thu airson feuchainn air farpais. Ma tha cumhaichean a bharrachd buntainneach, innsidh sinn dhut an còmhnaidh.
5. Seirbheisean is goireasan freagarrach do chloinn
Ma tha thu a’ sireadh rudan a tha freagarrach do chloinn, seo deagh àiteachan airson tòiseachadh:
Aig a’ cheann thall tha e an urra riut fhèin tighinn gu co-dhùnadh mu dè tha freagarrach. Cuidichidh iad seo:
- Airson stad a chur air clann bho bhith faighinn gu stuthan a th’ air an comharrachadh mar “Feumach air Stiùireadh”, cleachd Glas Stiùiridh Phàrant a’ BhBC.
- Airson ionnsachadh do chloinn mu bhith sàbhailte air-loidhne, feuch CBBC Stay Safe.
- Airson comhairle air mar as urrainn dhut do chlann a chumail sàbhailte air-loidhne, rach gu Internet Matters. Tha fiosrachadh an sin air mar as urrainn dhut cead phàrant a chur an sàs air diofar innealan, innealan gheamannan, ceangalan bann-leathainn agus innealan den leithid san dachaigh.
6. Nuair a tha cead-cleachdaidh TBh a dhìth ort
Nuair a tha thu san RA, ann an Eileanan Caolas Shasainn no san Eilean Mhanainneach, feumaidh tu cead-cleachdaidh TBh airson prògraman telebhisean beò a choimhead no a chlàradh air sianal sam bith, no airson prògraman a' BhBC a choimhead no an luchdachadh a-nuas air iPlayer.
Tha sin a’ gabhail a-steach inneal sam bith, mar telebhisean, coimpiutair, laptop, fòn-làimh, tablaid, inneal gheamannan, bogsa didseatach no cluicheadair DVD/VHS.
Ma tha thu taobh a-muigh nan àiteachan sin feumaidh tu faighinn a-mach a bheil sgeama cead-cleachdaidh TBh aig an dùthaich anns a bheil thu.
Faigh an tuilleadh fiosrachaidh mu cuin a tha feum air cead-cleachdaidh TBh.
7. Cumhaichean airson ar seirbheisean agus ar stuthan a chleachdadh
Seo riaghailtean a chumas tu fhèin (agus sinne) bho bhith faighinn ann an trioblaid.
Tha iad a’ buntainn ri ar seirbheisean agus ar stuthan. Aon mura-bhith a th’ ann, ’s e stuthan a chaidh a chruthachadh airson an sgaoileadh – “sgaoilein” an giorrachadh a th’ againn orra. Tha cuid de na riaghailtean a tha a’ buntainn riutha eadar-dhealaichte, nas sùbailte. Tha na riaghailtean co-cheangailte ri sgaoilein an seo.
a. Na dèan cron air ar seirbheisean
Dè tha sinn a’ ciallachadh le sin? Na seòrsachan rudan a leanas:
- Bristeadh a-steach annta
- Feuchainn ri faighinn thairis air an teicneòlas a tha a’ dìon ar stuthan (bathar-bog a tha a’ cur bacadh air daoine bho bhith dèanamh leth-bhreac de ar stuthan)
- A’ cleachdadh stuthan bho taobh a-muigh na RA nach eil cead agad a chleachdadh, no bhith a’ cuideachadh dhaoine eile a leithid a dhèanamh. me: a’ cleachdadh seirbheis VPN airson BBC iPlayer a choimhead air taobh a-muigh na RA
- A’ diùltadh stuthan, geamannan no apps a thoirt bho d’ inneal nuair a dh’iarras sinn ort sin a dhèanamh. Dh’fhaodadh seo tachairt nuair a tha sinn a’ toirt seirbheisean sìos. Rud a dh’fhaodas sinn a dhèanamh aig àm sam bith, gun rabhadh.
b. Na dèan cron ’s na toir oilbheum do dhaoine eile...
...fhad ’s a tha thu a’ cleachdadh ar seirbheisean. Tha sin a’ ciallachadh:
- Na dèan cron air ar cliù – le bhith a' dèanamh co-cheangal eadarainn agus gnèitheachas no gràin-cinnidh, mar eisimpleir
- Na toir sinn gu lagh – mar eisimpleir le tuaileas a dhèanamh air neach, can, no beachdan a thoirt air cùis-lagh a tha dol air adhart
- Na sàraich daoine eile ’s na cuir iad troimhe-a-chèile
- Na craobh-sgaoil dad a tha oilbheumach no drabasta
- Mur eil thu ag aontachadh ri neach, thoir ionnsaigh air an argamaid, chan ann air an neach.
c. Bi sàbhailte
Nuair a tha thu a' cleachdadh ar seirbheisean no ar stuthan, bi mothachail mu càite a bheil thu agus cleachd do ghoireas gu sàbhailte.
Na cleachd ar apps 360° agus mas-fhìorachd ma:
- Tha thu trom
- Ghabh thu càil a dh’fhaodadh buaidh a thoirt ort
- Tha (no bha) trioblaidean meidigeach agad, leithid fradharc dà-shùileach, tinneasan-inntinn, taomannan no trioblaidean cridhe.
Dèan cinnteach gu bheil thu ann an àite sàbhailte, nad shuidhe ma tha sin comasach.
Stad anns a’ bhad ma tha thu a’ faireachdainn:
- Tinn
- Strèan sùla
- Luairean
- Mì-chofhurtachd sam bith.
Na gabh pàirt ann an rudan ma dh’fheumas tu d’ aire a chumail air cùisean, no mar a bheil thu a’ faireachdainn ro mhath.
d. Na toir a chreidsinn gur e am BBC a th’ annad
Tha sin a’ gabhail a-steach:
- Ath-chruthachadh a dhèanamh air seirbheis no atharrais air sealladh seirbheis
- A’ cleachdadh ar brandan, comharran-malairt no suaicheantais gun ar cead
- A’ cleachdadh ar stuthan no ag ainmeachadh ar stuthan ann am fiosan-naidheachd no stuthan margaideachd eile
- A’ dèanamh airgid às ar stuthan. Chan fhaod thu iarraidh air daoine pàigheadh airson ar prògraman a choimhead, mar eisimpleir
- A’ sgaoileadh ar stuthan. A bharrachd air sgaoilein.
8. A’ cleachdadh stuthan a’ BhBC
a. Nuair a dh’fheumas tu cead
Airson gin de na leanas a chleachdadh…
- Prògraman slàn
- Criomagan
- Dealbhan
- Stuthan bho bbc.co.uk
- Ar suaicheantas agus brandadh eile
- Meata-dàta
- Stuthan a chaidh a thoirt bho ar seirbheisean gus leasachadh no trèanadh inntealta a dhèanamh co-cheangailte ri anailis coimputaireachd
- Càil a tha fo dhìon chòraichean.
…feumaidh tu cead.
Chan eil na còraichean daonnan againn.
Glè thric, nar stuthan, tha stuthan a tha le daoine eile. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh ìomhaighean, bhidiothan is cèol a tha le luchd-ealain, actairean agus luchd-ciùil a bhith ann am prògram telebhisean.
No ma dh’fhaoidte nach eil againn ach cead-craolaidh a-mhàin airson prògram agus gur ann a tha e leis a’ chompanaidh riochdachaidh.
Le sin, feumaidh tu faighneachd dhaibhsan am faod thu a chleachdadh. Ach ann an suidheachaidhean àraid…
b. Nuair a tha cead agad cheana
- Ma tha thu aig sgoil no colaiste no oilthigh aig a bheil Cead-cleachdaidh Buidheann Clàraidh Foghlaim.
- Leugh mun Chead-cleachdaidh Buidheann Clàraidh Foghlaim an seo.
- Leugh mu mhura-bhithean a thaobh còraichean eile an seo.
- Airson sgaoilein. Tha na riaghailtean mu sgaoilein an seo.
- Airson còd bun-tùs fosgailte agus dàta fosgailte.
- Airson podcastan a luchdachadh a-nuas airson an cur gu feum pearsanta a’ cleachdadh ar putan luchdaich a-nuas. Faodaidh tu podcastan a luchdachadh a-nuas airson an cur gu feum pearsanta. Faodaidh tu cuideachd podcastan a ghluasad eadar d’ innealan. Ach na luchdaich iad suas a-rithist chun eadar-lìon. An àite sin, cleachd na putain sgaoilidh airson innse dha do charaidean mun deidhinn.
- Airson prògraman iPlayer a’ BhBC a luchdachadh a-nuas a’ cleachdadh ar putan luchdaich a-nuas.
c. Mar a gheibh thu cead
Airson suaicheantais agus brandadh, leugh seo.
Airson meata-dàta agus ceanglaichean, leugh seo.
Airson feum gnìomhachais, leugh seo. Cuimhnich: anns a' chumantas tha agad ri cead iarraidh agus dh'fhaodadh gum bi agad ri pàigheadh air a shon.
Airson a h-uile càil eile, leugh seo.
9. Sgaoilein – dè th’ annta?
Bidh co-dhiù aon de na putain a leanas ri taobh stuthan a ghabhas sgaoileadh:
- Sgaoil
- Cuir an sàs
- Putain meadhanan sòisealta airson rudan a chur gu Facebook, Twitter agus msaa.
Cha bhi na còraichean daonnan againn airson sgaoilein. Uaireannan feumaidh sinn cead-cleachdaidh no cead fhaighinn bho na daoine a chruthaich e.
Le sin, cùm ri na riaghailtean seo. Mur a cùm, am measg rudan eile, cha bhi na daoine a chruthaich e airson stuthan ùra a dhèanamh dhuinn tuilleadh.
Feumaidh tu cead bhuainne airson stuthan a chleachdadh ann an gnìomhachas, agus 's dòcha gum bi cosgais ceangailte ris an seo. Leugh mu bhith dèanamh feum gnìomhachais an seo.
Nuair a tha thu a’ sgaoileadh chun na meadhanan sòisealta bidh na cumhaichean acasan buntainneach. Leugh na cumhaichean aca (faodaidh tu an lorg air-loidhne).
10. Sgaoilein – dè dh’fhaodas tu dhèanamh
a. Cleachd putain sgaoilidh
Airson ceangal gu ar stuthan air do làraich-lìn no air na meadhanan sòisealta.
b. Cleachd ar cluicheadair
Tha e ceart gu leòr ar putan “Cuir an sàs” a chleachdadh airson ar cluicheadair a chur air do làraich-lìn no air do chunntas meadhanan sòisealta.
Ach na atharraich mar a tha an cluicheadair ag obair, agus na toir stuthan a-mach às. Na cuir an sàs stuth sam bith aig nach eil putan “Cuir an sàs”.
Tha diofar riaghailtean ann airson iPlayer. Leugh mun deidhinn an seo.
c. Cuir suas beachdan…
…mu ar sgaoilein. Tha sin ceart gu leòr. Tha sinn ag iarraidh sin. Dìreach cho fad ’s nach eil na beachdan olc.
11. Sgaoilein – rudan nach fhaod thu dhèanamh
a. Na cleachd iad air adhbharan millteach no oilbheumach. Cuideachd, na cuir sgaoilean le stuthan oilbheumach no cronail.
Seo liosta de rudan a dh’fhaodadh a bhith millteach no oilbheumach:
- Ag ailiseachadh, cuir air seacharan, dèanamh leth-bhreith no a’ dèanamh tuaileis (a’ toirt an cliù bho dhaoine)
- A’ cur air adhart drùiseantachd, tombaca no innealan-cogaidh
- A’ cur clann ann an cunnairt
- Càil mì-laghail. Mar a bhith a’ cleachdadh cainnt gràin, a’ brosnachadh ceannairc no a’ briseadh lagh prìobhaideachd
- Càil a mhilleadh cliù a’ BhBC.
b. Na dèan e coltach ris gun do chosg iad airgead
Ma chuireas tu iad air làraich a tha ag iarraidh pàigheadh airson stuthan, feumaidh tu a ràdh gu bheil iad rim faicinn an-asgaidh.
c. Na dèan iad nas nochdte na stuthan nach eil bhon a' BhBC
No dh’fhaodadh e bhith a’ coimhead mar gu bheil sinn a’ cur taic riut. Rud nach fhaod sinn a dhèanamh.
Cuideachd, cleachd sgaoilein còmhla ri stuthan eile. Chan urrainn dhut seirbheis a chruthachadh dhut fhèin anns nach eil ach na sgaoilein againne.
’S air a’ phuing sin…
d. Na àibheisich do dhàimh ris a’ BhBC
Chan fhaod thu a ràdh gu bheil sinn a’ toirt taic, a’ cur air adhart, a’ solarachadh no a’ gabhail deagh bheachd ort.
Na cleachd sgaoilein air adhbharan poilitigeach.
Agus chan fhaod thu a ràdh gur ann agadsa a-mhàin a tha cead ar stuth a chleachdadh.
e. Na dean ceangal eatorra agus sanasachd no goistidheachd
Tha sin a’ ciallachadh nach fhaod thu:
- Stuth sam bith eile a chur eadar an ceangal chun an sgaoilein agus an sgaoilean fhèin. Chan fhaod thu sanasan no bhidiothan goirid a dh’fheumas daoine fhaicinn a chleachdadh
- Sanasan a chur rin taobh no thairis orra
- Sanasan a chur ann an duilleig sam bith no app anns a bheil mòr-chuid de sgaoilein
- Sanasan co-cheangailte rin cuspair a chur ri taobh sgaoilein. Ma tha sgaoilean agad mu bhrògan chan fhaod thu sanas mu bhrògan-ruith a chur faisg air
- Stuthan a bharrachd a chur ris a chiallaicheadh gun dèanadh tu airgead bhuapa.
f. Na bi meallta mu cò às a thàinig iad
Chan urrainn dhut am fios mu chòraichean a thoirt air falbh no atharrachadh, no beachd a thoirt gur e cuideigin eile a chruthaich iad.
12. Sgaoilein – na th’ agad ri dhèanamh
- Cleachd an dreach as ùire, agus, far a bheil iad againn, na toir air falbh tagaichean no tracadh sam bith.
- Dèan cinnteach gu bheil e air fhoillseachadh gu ceart.
- Cuir aithneachadh ris (mur eil sin air cheana).
Tha a’ mhòr-chuid a’ tighinn le aithneachadh orra cheana. Mur eil, cuir fear dhiubh seo ann an àite follaiseach, faisg, airson sealltainn cò às a fhuair thu an sgaoilean:
- Bho – BBC News
- bbc.com/news
- BBC Sport
- bbc.co.uk – © còraichean (a’ bhliadhna an seo) BBC
Ma ghabhas e dèanamh, cuir ceangal-lìn chun an àite san d’fhuair thu an sgaoilean. Dèan cinnteach gu bheil e ag obair agus na cuir càil eadar an t-aithneachadh agus an ceangal-lìn.
13. Sgaoilein – rud a dh’fheumas sinn a ràdh
A bharrachd air an uallach a th’ oirnn nuair a thèid dad ceàrr, chan eil uallach oirnne airson dad a dh’èireas dhut ma chleachdas tu sgaoilean.
14. Bathar-bog bun-tùs fosgailte
Tha tomhais de bhathar-bog bun-tùs fosgailte ri fhaotainn airson a luchdachadh a-nuas.
Faigh tuilleadh a-mach mu ar bun-tùs fosgailte an seo.
Nuair a thèid thu thuige innsidh sinn an còmhnaidh dè na cumhaichean a tha a’ dol leis.
15. Meata-dàta agus ceanglaichean RSS
a. Airson daoine
Chan fhaod thu meata-dàta a spìonadh às ar stuthan no ar ceanglaichean RSS.
Faodar ceangal RSS bho BBC News a chur ris an làrach-lìn no cunntas na meadhanan sòisealta agad. Fhads:
- Nach atharraich thu na ceanglaichean RSS no nach toir thu às suachaichteas no brandadh sam bith
- A bheir thu fios seachad ag innse gur ann bho BBC News, bbc.co.uk/news no bbc.com/news a thàinig e agus gun cuir thu an teacsa agus an ceangal ann an àite follaiseach
- Nach cuir thu ar brandadh no ar suaicheantasan ris, ach brandadh sam bith a tha an sàs sa cheangal RSS mar-thà.
Leugh an seo mar a chuireas tu ceangal BBC News air dòigh.
b. Airson gnìomhachas
Feumaidh tu cead airson ar meata-dàta a chleachdadh (leithid dealbhan, teacsa, meadhanan eile agus ceanglaichean thuca). Cuir a-steach iarrtas airson cead-cleachdaidh meata-dàta.
Feumaidh tu ar cead fhaighinn airson ar ceanglaichean RSS a chleachdadh airson adhbharan gnìomhachais, agus dh’fhaodadh gum bi cìs ri phàigheadh.
16. Cruthachaidhean – dè th’ annta?
Tha an earrann seo mu nuair a chruthaicheas tu do stuthan fhèin le:
- Rudeigin leat fhèin a luchdachadh suas gu aon de na seirbheisean againn - mar stuth a chur gu bùird-bràth agus fòraman
- Do chriomag no do dhealbh co-cheangailte ri cuspair sna naidheachdan a chur gu BBC News
- Bhith cleachdadh seirbheis airson rudeigin a dhèanamh agus an uairsin ga luchdachadh suas chun a’ BhBC.
Canaidh sinn “cruthachaidhean” ri na rudan sin.
Chan eil rudan a chuireas tu gu farpaisean (dealbhan mar eisimpleir) air am meas mar chruthachaidhean airson nan cumhaichean seo. Tha an cumhaichean fhèin aig farpaisean.
17. Cruthachaidhean – na cumhaichean
a. Dh’fhaodadh gun tig atharrachadh orra
Tha innealan an cois cuid de sheirbheisean a leigeas le daoine eile an rud a chruthaich thusa a chleachdadh, mac-samhail a dhèanamh dheth, atharrachadh no fiù ‘s deasachadh a dhèanamh air, no rudan eile a chruthachadh air am brosnachadh leis.
b. Cha phàigh sinn thu air an son
Tha sinn taingeil gu bheil thu air rud a chruthaich thu fhèin a chur thugainn ach, gu duilich, chan urrainn dhuinn do phàigheadh air a shon.
c. Dh’fhaodadh cumhaichean eile a bhith ann
Uaireannan faodaidh luchdachadh suas rud a chruthaich thu gu ar seirbheisean a bhith a’ ciallachadh gu bheil thu a’ cleachdadh inneal le cuideigin eile a bharrachd air a’ BhBC. Mar eisimpleir, faodaidh tu WhatsApp a chleachdadh airson do sgeulachdan is d’ aithrisean air rudan a chunnaic thu a sgaoileadh gu BBC News.
Uaireannan faodaidh na teirmichean is na cumhaichean aig an t-solaraiche a bhith a’ buntainn ri bhith a’ cleachdadh an inneil aca. Dèan cinnteach gun leugh thu an cumhaichean (a dh’fhaodas tu lorg air-loidhne) chionn 's gun inns iad dhut dè dh’fhaodas an solaraiche a dhèanamh leis an rud a chruthaich thusa nuair a chleachdas tu an t-inneal aca.
d. Fiosrachadh pearsanta
Cha sgaoil sinne (no an solaraiche a tha sinn a’ cleachdadh gus leigeil dhut stuthan a luchdachadh suas) d’ fhiosrachadh pearsanta gun innse dhut an toiseach. Leugh tuilleadh mu mar a bhios sinn a’ cleachdadh do dhàta pearsanta anns a’ phoileasaidh prìobhaideachd againn.
e. Bhiodh sinn an dòchas an rud a chruthaich thusa a chleachdadh
Ach chan urrainn dhuinn barantas a thoirt airson sin.
f. D’ ainm
Mar as trice bidh sinn a’ cur d’ ainm ri rud sam bith a chruthaich thu. Bheir sinn air falbh e ma dh’iarras tu oirnn, ach chan eil sin an còmhnaidh comasach.
g. Còraichean moralta
Nuair a tha thu a’ luchdachadh suas rud sam bith, tha thu a’ leigeil às do chòraichean moralta ann. Tha sin a’ ciallachadh gum faod sinne:
- A chleachdadh gun d’ aithneachadh mar an neach a chruthaich e
- A dheasachadh no atharrachadh gun do chead agus cha bhi còir agad cantainn gun do dhèilig sinn ris ann an dòigh a bha “suarach”.
Leugh tuilleadh mu do chòraichean moralta an seo.
h. Dh’fhaodadh sinn brath a chur thugad
Airson dèanamh cinnteach gu bheil cead agad ìomhaighean sam bith, no ceòl, no criomagan no teacsa a chleachdadh ann an rud sam bith a chuireas tu thugainn. No airson adhbharan rianachail.
Leugh tuilleadh mu ciamar agus cuin a dh’fhaodadh sinn brath a chur thugad nar Poileasaidh air Prìobhaideachd agus Cookies.
18. Cruthachaidhean – na dh’fhaodas tu dhèanamh leotha
a. Nuair a tha na còraichean leat
Tha na còraichean leat ma tha an rud a chruthaich thu gu tur ùr agus tùsail. Gu h-àbhaisteach, bhiodh sin a’ ciallachadh nach biodh dad ann a chruthaich daoine eile, mar eisimpleir ceòl no bhidiothan.
Mas ann mar sin a tha e, faodaidh tu an rud a thogras tu a dhèanamh leis.
Leugh tuilleadh mu do chòraichean an seo.
Leugh tuilleadh mu chòraichean san fharsaingeachd an seo.
Faodaidh tu do chruthachaidhean a sgaoileadh gu cuid de ar seirbheisean, mar bùird-brath, fòraman, bùird cruinneachaidh agus na beachdan a tha aig bonn cuid de sgeulachdan naidheachd.
b. Nuair nach eil na còraichean leat
Ma tha stuthan - mar ìomhaighean, fuaimean, ceòl no bhidio air an cruthachadh le cuideigin eile - anns an rud a chruthaich thusa, dh’fhaodadh e bhith gur ann acasan a tha na còraichean air na stuthan sin.
Tha sin gu h-àbhaisteach a’ ciallachadh gu feum thu cead fhaotainn bhuapa airson càil a dhèanamh leis an rud a chruthaich thu. Tha sin a’ gabhail a-steach foillseachadh, cuir a-steach agus luchdachadh suas chun a' BhBC.
Leugh tuilleadh mu do chòraichean an seo.
Leugh tuilleadh mu chòraichean san fharsaingeachd an seo.
Aon uair ’s gu bheil cead agad, faodaidh tu an rud a chruthaich thu a sgaoileadh chun phoball. Air do làraich-lìn, mar eisimpleir, no air na meadhanan sòisealta.
19. Cruthachaidhean - dè dh’fhaodas am BBC a dhèanamh leotha?
Nuair a tha thu a’ sgaoileadh rud a chruthaich thu, bidh sinn a’ feuchainn ri innse dhut dè dìreach a tha sinn a’ dol a dhèanamh leis. Ach, uaireannan, chan eil e comasach dhuinn sin a dhèanamh. Le sin, seo na dh’fhaodadh tachairt…
Nuair a tha thu a’ foillseachadh, a’ luchdachadh suas no a’ cur a-steach rud a chruthaich thu, faodaidh sinn:
a. A chleachdadh, dachaigh a thoirt dha, no a ghleidheadh ann an seirbheisean is stuthan a’ BhBC
'S dòcha gum faic thu na chruthaich thu air TBh, air BBC Air-loidhne, air na meadhanan sòisealta no air làraich eile aig a bheil cead cuid de ar stuthan a shealltainn.
b. Atharrachadh, leth-bhreac a dhèanamh dheth no rudan a chruthachadh a tha air am brosnachadh leis
Dèiligidh sinn le spèis ri gach beachd is cruthachadh a tha co-cheangailte ri na naidheachdan. Leugh mu mar a bhios sinn a’ cleachdadh do bheachdan no rudan a chruthaich thu co-cheangailte ri naidheachdan an seo.
c. Innealan airson cruthachaidhean a dhèanamh no stuthan a chur air dòigh as ùr
Tha innealan ann an cuid de ar seirbheisean airson cluich le ar stuthan, do chòd fhèin a sgrìobhadh agus rudan mar geamannan agus samhlaichean-sùla a chruthachadh.
Dh’fhaodadh iad sin:
- Do chruthachaidhean fhoillseachadh mar bhrosnachadh do dhaoine eile.
- Cuireadh a thoirt do dhaoine eile do chruthachaidhean a chleachdadh airson an dreach fhèin a dhèanamh.
d. A' sgaoileadh airson rannsachadh
Aig amannan bidh sinn a' rannsachadh agus a co-obrachadh le com-pàirtichean rannsachaidh. Corra uair bidh sinn a' sgaoileadh ar dàta leotha. Tha sinn gu math cùramach mu na bhios sinn a' sgaoileadh gu ar com-pàirtichean agus mu na dh'fhaodas iad a dhèanamh leis.
e. Bheir moderàtor sùil air
Tha seo a’ ciallachadh gu faod sinn breithneachadh air, deasachadh a dhèanamh air, a thoirt air falbh, no co-dhùnadh gun a thaisbeanadh idir. Agus, ma bhriseas e laghan sam bith, faodaidh sinn a chur air adhart chun nam poilis agus ùghdarrasan eile.
f. Agus faodaidh sinn a chleachdadh
- Ann an àite sam bith air feadh an t-saoghail
- Air meadhan sam bith (mar eisimpleir telebhisean, an t-eadar-lìon, rèidio, na meadhanan sòisealta agus apps)
- Airson cho fad ’s a thogras sinn – fiù ‘s ged a sguireadh tu a chleachdadh ar seirbheisean.
Agus faodaidh duine sam bith còmhla ris a bheil sinn ag obair na rudan sin a dhèanamh cuideachd.
Mar eisimpleir, ma chuireas tu ìomhaigh gu BBC News, dh’fhaodamaid pìos mun naidheachd sin, leis an ìomhaigh ann, a thoirt do chraoladair cèin agus dh’fhaodadh an craoladair sin a h-uile càil gu h-àrd a dhèanamh leis.
Dh’fhaodadh iad cuideachd toirt air an luchd-cleachdaidh pàigheadh airson fhaicinn.
20. Cruthachaidhean - rudan nach fhaod thu a chur thugainn
Na cuir càil thugainn:
a. Ma chaidh a chruthachadh le cuideigin eile, no ma tha e ag atharrais air rud a chruthaich neach eile
b. Nach eil ann am Beurla (ach nuair a dh’iarr sinn ort beachd a thoirt ann an cànan eile)
c. Ma tha e mì-laghail no tuaileasach (a’ dèanamh cron air cliù neach eile)
d. Ma tha e mì-fhreagarrach (oilbheumach, far-chuspair no na sgudal)
e. Le fiosrachadh pearsanta
f. Anns a bheil sgudal
g. Ma tha e a’ briseadh ar riaghailtean airson taghadh pàrlamaid no reifreann
h. Ma tha e a’ cur clann ann an cunnart
i. Ma tha e a’ briseadh a-steach air còraichean neach eile (a’ gabhail a-steach còraichean a thaobh prìobhaideachd)
j. Ma tha thu air a dhèanamh mar phàirt de d’ obair no do ghnìomhachas
k. Ma tha e a’ cur air adhart gnìomhachas
l. Ma tha e a’ ciallachadh gun tèid neach aithneachadh (mur eil an cead agad no, ma tha iad nas òige na 16, cead am pàrant no an neach-cùraim)
m. A tha dèanamh tàir air a’ chùirt
n. Anns a bheil ceanglaichean nach eil follaiseach, a dh’fhaodhadh a bhith mì-shàbhailte (bhìorasan, boiteagan, bathar-foill agus Trojans) no a bhios a’ fosgladh uinneagan gu fèin-ghluasadach
o. Mur eil e a’ cumail ri na cumhaichean seo.
21. Do chunntas BBC
a. Clàradh airson cunntas
Feumaidh tu cunntas airson cuid de ar seirbheisean a chleachdadh, mar BBC iPlayer, molaidhean pearsaichte agus brathan.
b. Faigh do chunntas BBC
Faigh do chunntas BBC an seo.
Airson do chunntas a chumail sàbhailte:
- Na innis d’ ainm-cleachdaidh no d’ fhacal-faire do dhuine sam bith
- Na toir fiosrachadh nach eil fìor dhuinn
- Na feuch ri logadh a-steach mar chuideigin eile
- Na feuch ri faighinn thairis air ar dòighean dìon
- Na cruthaich barrachd air aon chunntas
- Na cruthaich cunntas airson neach eile, ach a-mhàin do phàiste.
Agus dèan cinnteach gu bheil am fiosrachadh as ùire againn.
c. Dè bhios sinn a’ dèanamh le d’ fhiosrachadh?
Tha an dàta a chuireas tu thugainn nuair a chlàras tu, nuair a lìonas tu a-steach foirmichean lìn no nuair a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean gar cuideachadh:
- Gus seirbheisean, molaidhean, brathan agus goireasan eile a thoirt thugad
- Gus na seirbheisean a th’ againn an-dràsta a leasachadh agus gus feadhainn ùra a chruthachadh.
Leugh an tuilleadh mu mar a bhios sinn a’ cleachdadh do dhàta pearsanta anns a’ phoileasaidh prìobhaideachd againn.
d. Atharrachadh seataidhean agus do chunntas a dhubhadh às
Faigh a-mach ciamar a dh’atharraicheas tu do chunntas no ciamar a dh’fhaodas tu a dhubhadh às an seo.
e. Ag atharrachadh seataidhean air d’ inneal
Faodaidh seo stad a chur air cuid de na seirbheisean againn a bhith ag obair gu ceart.
Faigh a-mach an tuilleadh mu bhith ag atharrachadh seataidhean an seo.
22. Tubaistean
Tha sinn a’ dol gu saothair mhòr airson dèanamh cinnteach gu bheil ar stuthan ’s ar seirbheisean cho math ’s a ghabhas iad a bhith. Le sin, ma thèid rudeigin ceàrr, chan eil uallach oirnne ach a-mhàin:
a. Ma nì ar stuthan no seirbheisean milleadh air d’ inneal no càil a tha air. Nam b’ e is gun tachradh seo, ’s dòcha gu faodadh tu cuidhteachadh iarraidh bho lagh dìon luchd-cleachdaidh.
Chan eil cuidhteachadh cinnteach, ge-tà. Dèan cinnteach gum faigh thu comhairle laghail.
b. Airson cuid a thachartasan mì-choltach. Ma dh’adhbharaicheas ar dearmadachd bàs no leòn, mar eisimpleir.
c. Mas e “neach-cleachdaidh” air leth a th’ annad agus gum biodh e mì-chothromach gun coire a chur oirnne.
A bharrachd orra sin, chan eil coire ri chur oirnne airson càil a thachras ma:
- Tha thu an urra ri comhairle, dàta, aithris, beachdan no stuthan sam bith eile
- Tha mearachdan, dearmadan, brisidhean, dàil, bugaichean no bhìorasan ann
- Tha sinn a’ tionndadh dheth no a’ toirt stuthan, seirbheisean, ceanglaichean an taobh a-muigh no cruthachaidhean air falbh (gu h-àbhaisteach cha dèanamaid seo ach airson adhbharan laghail, nuair a tha sinn a' dèanamh co-mheasadh no ma tha sinn a’ leasachadh seirbheis)
- Nach gabhadh an nì a thachair gu reusanta fhaicinn ro-làimh
- Nach biodh an nì a thachair gu h-àbhaisteach mar thoradh air an tubaist; no
- Nach robh sinne agus tu fhèin air aontachadh gu robh e a’ coimhead coltach gur e seo a thachradh nam biodh tubaist ann.
Tha seo a’ buntainn ri làraich ris am bi sinn a’ ceangal a bharrachd air ar stuthan is seirbheisean.
Agus a’ bruidhinn orra sin…
23. Ceanglaichean an taobh a-muigh
Uaireannan bidh sinn a’ ceangal ri làraich nach eil leis a’ BhBC. Agus uaireannan, bidh sinn a’ cur ar seirbheisean orra - nuair a tha thu a’ dèanamh ceangal rinn air na meadhanan sòisealta, mar eisimpleir.
Rud na dhà a bu chòir dhut cumail air chuimhne:
a. Chan eil sinn a’ cur aonta ris an làraich ris a bheil sinn a’ dèanamh ceangail.
b. Chan eil sinn cunntachail airson na stuthan a th’ orra, no buailteach airson dad a thachras dhut ma chleachdas tu iad.
c. Ma sgaoileas tusa no neach eile dad anns a bheil ceangal, chan eil sinne buailteach airson dad a th’ air an làraich ris a bheil e a’ dèanamh ceangail.
d. Gu h-àbhaisteach tha an cumhaichean fhèin aig làraich an taobh a-muigh.
24. BBC iPlayer
a. Na riaghailtean airson cleachdadh pearsanta
- Chan eil prògraman iPlayer rim faotainn ach airson ùine àraid, agus an dèidh an ùine sin tha iad air an dubhadh às. Na feuch innleachdan teicnigeach airson faighinn thairis air an seo. Leugh an tuilleadh mu na cinn-latha aig prògraman iPlayer an seo.
- Na sruth no na luchdaich a-nuas prògraman telebhisean iPlayer nuair a tha thu air taobh a-muigh na RA. Gu h-àbhaisteach tha prògraman rèidio ceart gu leòr. Leugh an tuilleadh mu bhith a’ cleachdadh iPlayer air taobh a-muigh na RA an seo.
- Na cleachd iPlayer airson airgead a dhèanamh. Tha sin a’ ciallachadh nach eil sanasachd no goistidheachd ceadaichte agus nach fhaod thu airgead iarraidh air daoine airson fhaicinn.
- Mur eil Cead-cleachdaidh Telebhisein agad chan eil e ceadaichte dhut prògram a choimhead no a chlàradh aig an àm a tha e a’ dol a-mach. Faigh a-mach tuilleadh aig www.tvlicensing.co.uk.
b. Na riaghailtean airson gnìomhachas
Faodaidh tu leigeil le daoine iPlayer a chleachdadh nad thogalach airson prògraman BBC a choimhead no an luchdachadh a-nuas. Ach:
- Feumaidh tu Cead-cleachdaidh Telebhisein. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.tvlicensing.co.uk.
- ’S e cùis eile a th’ ann prògram slàn no criomagan air iPlayer a shealltainn do luchd-amhairc. Faigh tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ cluich iPlayer do luchd-amhairc an seo.
- Chan fhaod thu airgead iarraidh air daoine airson iPlayer a choimhead.
25. Mu Dheireadh
Ath-shùil goirid, rud na dhà a bharrachd a thaobh an lagh agus sin e:
a. Ma tha thu a’ cleachdadh seirbheis às leth gnìomhachas, tha an gnìomhachas sin a’ gabhail ri ar cumhaichean. Feumaidh an gnìomhachas gabhail ris na cumhaichean-cleachdaidh seo ma thathas a' cleachdadh seirbheis...
- gu ìre mhòir airson d’ obair a dhèanamh – mar neach-obrach, mar chunnradair no mar chomhairliche
- airson adhbharan coimearsalta – airson prothaid a dhèanamh, no
- airson buidhnean foghlaim, neo-phrothaid agus riaghaltais.
b. Mar a thuirt sinn na bu tràithe, leugh na cumhaichean seo mus cleachd thu ar seirbheisean. Nuair a tha thu a’ cleachdadh ar seirbheisean agus ar stuthan tha thu ag aontachadh ri:
- Na cumhaichean cleachdaidh seo
- Cumhaichean sam bith eile mun do leig sinn fios thugad.
Agus tha iad sin a’ dol an àite aontan sam bith a bha cheana eadarainn mu bhith a’ cleachdadh ar seirbheisean no ar stuthan.
c. ’S e cùmhnant a tha seo eadarainn. Chan eil còraichean aig neach sam bith eile a chumhaichean a chur an gnìomh.
d. ’S e lagh Shasainn a tha a’ riaghladh nan cumhaichean seo, agus chan urrainn ach cùirtean Sasannach breith a thoirt orra.
e. Tha ar seirbheisean agus ar stuthan air an toirt thugad le British Broadcasting Corporation, Broadcasting House, Portland Place, Lunnainn W1A 1AA.