Osman I
Osman I | |||
---|---|---|---|
27 dhen t-Sultain 1299 - 21 dhen Lùnastal 1324 - Orhan → | |||
Beatha | |||
Breith | Söğüt, 1258 | ||
Ciad chànan | Old Anatolian Turkish (en) | ||
Bàs | Söğüt, dhen Ògmhios 1326 | ||
Àite-adhlacaidh | Bursa | ||
Teaghlach | |||
Athair | Ertuğrul | ||
Màthair | Halime Hatun | ||
Cèile |
Rabia Bala Hatun (en) Mal hatun (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||
Foghlam | |||
Cànain |
Old Anatolian Turkish (en) Arabais | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | Bey (en) | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Ioslam |
B' e neach-stèidhichidh agus ceannard na Osmanlı Beyliği/Osmanlı Hanedanı (Gàidhlig: Moraireachd Osmain) a bh' ann an Osman Bey (ainmean eile: Osman Gazi, Osman Han, Tuircmeanais: Osman Gazi, Söğüt 1258 - Bursa 1324).[1] 'S e esan a thoisich Impireachd nan Otomanach agus fiù 's thug e ainm dhan Impireachd fhèin. Bhuineadh e dhan treubh Thurcach Oghuz, a ghabh ri Ioslam san 10mh Linn agus a ràinig Aisia Bheag san 11mh Linn. Nuair a thoisich e a bhith na righ cha b' ann ach rìoghachd bheag a bh 'aige ach nuair a chaochail e bha an stàit mòran na bu mhotha, a' sìneadh air san Tuirc an latha an-diugh is a' gabhail a-steach Bilicik, Domaniç, Eskişehir, Göyünk, İnegöl agus Söğüt fhèin.[2] Mar mhulsamach, bha ainm Arabais aige: عثمان (Uthmān). Ann an Turcais thathar a' cleachdadh Osman mar ainm pearsanta, ach b' e Otoman le /t/ a chaidh a chur air an dùthaich.[3]