Jump to content

Mariupol (Donetska Oblast)

O Uicipeid
Mariupol
Маріу́поль
Μαριούπολη
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Donetska Oblast
Co-chomharran 47° 05 45' Tuath
37° 32 58' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 244 km²
Àireamh-shluaigh 431,859 (2021)
Dlùths 1,769.91/km²
Àireamh fòn + 380 629
Duilleag oifigeil https://mariupolrada.gov.ua/

'S e baile mòr agus port cudromach faisg air Donetsk agus Berdiansk anns An Ucràin a th' ann am Mariupol (Ucràinis: Маріу́поль, Greugais: Μαριούπολη, IPA: mɐr⁽ʲ⁾iˈupolʲ). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na Mara Azov, san roinn Donetska Oblast. Tha 431,859 duine a' fuireach ann.

Chanadh Zhdanov - ainm oifigear a' Phàirtidh Comannaich a rugadh an seo - ris a' bhaile bho 1948 gu ruige 1989. Ann an 1991, thàinig Mariupol gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Air 25 an Gearran 2022, thòisich batal cruaidh air taobh iar a' bhaile mar phàirt Ionnsaigh na Ruis air an Ucràin. An ath latha, chaidh am baile a chur fo shèist agus feachdan Ruiseanach a' bomadh a' bhaile fhad 's a bhathar a’ dèanamh air a' phort, a bha na amas ro-innleachdail airson smachd a chumail air a’ Mhuir Azov.[1] Chaidh stad-teine ann fad beagan uairean air an deicheamh latha den ionnsaigh air 5 am Màrt 2022, bho 10m gu 4f a leigeadh pàirt de na sìobhaltaich theiche. Air 9 am Màrt 2022, thuirt an t-àrd-bhàillidh gun do bhàsaich co-dhiù 1,207 duine fad 9 latha. Air an aon latha, bhomaich Arm na Ruise ospadal chloinne.[2] Thuirt Volodymyr Zelenskyy, ceann-suidhe na h-Ucràin, gur e eucoir cogaidh a bh' ann. Air 17 am Màrt 2022, thuirteadh gun deach mu timcheall air 80% taighean a' bhaile a mhilleadh le bomaichean Ruiseanach.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. La Voix du Nord
  2. France Info

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]