Dnipro
Dnipro Дніпро
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Dnipropetrovska Oblast | ||||
Sgìre | Dniprovskyi Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 28 03' Tuath 35° 02 24' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 409.718 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 980,948 (2021) | ||||
Dlùths | 2,394.2/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 562 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr agus port-aibhne eadar Poltava agus Zaporizhzhia anns An Ucràin a th' ann an Dnipro (Ucràinis: Дніпро, Pòlais: Dniepr, IPA: dn⁽ʲ⁾iˈprɔ). Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro fhèin, san roinn Dnipropetrovska Oblast. Tha 980,948 duine a' fuireach an seo, an ceathramh baile as motha na h-Ucràine.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1776 mar Ekaterinoslav mar urram air Caitrìona II na Ruise agus chanadh Dnipropetrovsk ris eadar 1926 agus 2016, mar urram air an neach-poileataigs Comunnach Grigory Petrovsky. Thogadh am baile far an robh daingneachadh Cosagach roimhe. Ann an 1991, thàinig Dnipro gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Dnipro a' bruidhinn (53.08%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (45.87%) cuideachd.[1]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Viktor Petrov (1894 - 1969). Sgrìobhadair.
- Valerian Pidmohylny (1901 - 1937). Sgrìobhadair.
- Yulia Tymoshenko (1960). Neach-poileataigs.