Am Pàipear Beag
Tha a' West Highland Free Press, no Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich/Am Pàipear Beag, mar as fheàrr a dh'aithnichear e anns a' Ghàidhlig, na phàipear-naidheachd ionadail ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 1971 leis an Làbarach Brian MacUilleim, agus tha smachd làidir aige air fhathast. Mar as àbhaist thèid a fhoillseachadh gach Diardaoin anns an Àth Leathann anns an Eilean Sgitheanach ach chan eil e ri fhaighinn ach air loidhne ri linn a' choròna-bhìorais.[1]
'S e sluagh-ghairm a' phàipeir sluagh-ghairm Caidreamh Fearann na Gàidhealtachd on naoidheamh linn deug, 'An Tìr, an Cànan 's na Daoine'. Tha seo a' nochdadh prìomhachasan a' phàipeir, nam measg leasachadh na Gàidhlig agus ath-chruthachadh laghan fearainn.
Tha am pàipear taiceil do dh'iomairt nan tuathanasan-gaoithe air Ghàidhealtachd ach bha e caran leam-leat mu deidhinn an iomairt aig SKAT gus cur às do chìsean Drochaid an Eilein Sgitheanaich. Tha e a' taobhachadh ris a' Phàrtaidh Làbarach, rud nach eil dh'fhaoite na ìoghnadh leis mar as ann le ball den Phàrtaidh a chaidh a stèidheachadh, agus 's e seo a choisinn dha am far-ainm sgaiteach West Highland Free Pravda.
Tha pàipearan-naidheachd nàiseanta corra uair a' togail air sgeulachdan a nochdas an toiseach anns a' Phàipear Bheag, leithid mar nach robh e comasach do dh'Austin Boyle ainm na h-ighne aige a chlàradh ann an Gàidhlig.
Tha am Pàipear Beag cuideachd ag aithris ann an doimhneachd air camanachd.
Cha deach a fhoillseachadh anns a' Ghiblein agus anns a' Chèitean 2020 air sgàth a' choròna-bhìorais.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Am Pàipear Beag a' leantainn air loidhne”, Naidheachdan a' BhBC. 26mh dhen Chèitean 2020. Air a thogail 26mh dhen Chèitean 2020.
- ↑ “Am Pàipear Beag a' sgur rè ùine ri linn a' Choròna-bhìorais”, Naidheachdan a' BhBC. 15mh dhen Ghiblean 2020. Air a thogail 26mh dhen Chèitean 2020.