Salvador Puig i Antich
Salvador Puig i Antich | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Barcelona, 30 dhen Chèitean 1948 |
Dùthaich | Na Dùthchannan Catalanach |
Bàs | Barcelona, 2 dhen Mhàrt 1974 |
Àite-adhlacaidh | Cladh Montjuïc |
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (garrote (en) ) |
Murtair | Antonio López Sierra (en) |
Teaghlach | |
Càraid | Margalida Bover (en) |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | La Salle Bonanova (en) |
Cànain |
Catalanais Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-iomairt agus neach-poileataigs |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Movimiento Ibérico de Liberación (en) |
salvadorpuigantich.info |
B’e Salvador Puig i Antich (IPA: səɫβəˈðo ˈpudʒ i: ənˈtik, Barcelona, 30 an Cèitean 1948–Barcelona 2 am Màrt 1974) Anarcach à Catalòinia a chuireadh gu bàs rè deachdaireachd Fhranco anns An Spàinn.[1]
Teaghlach
[deasaich | deasaich an tùs]'S e an treas mac dhe sianar a bh' ann Salvador Puig i Antich. Bhuineadh e do theaghlach meadhanach-luchd obrach. Bha athair, Joaquim Puig, air a bhith na bhall Acció Catalana (Gàidhlig: Iomairt Chatalanach) rè Dàrna Poblachd na Spàinne (1931 – 1939). B' fheudar dha teicheadh chun na Frainge is e na fhògarrach ann an campa ann an Argelès an dèidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne (1936 – 1939).[2] Fhuair esan binn bàis nuair a thill e gus An Spàinn, ach shàbhaladh a bheatha mus do chuireadh gu bàs e.[3]
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Choinnich Salvador ri Xavier Garriga agus na Bràithrean Oriol agus Ignacio Solé Sugranyes aig an sgoil-oidhche Maragall, an dèidh dha na sagaratan dha fhuadachadh bhon àrd sgoil Chaitligeach Salle Bonanova,[4] air adhbharan a chuid dhroch ghiùlain. Stèidhich an ceathrar am buidheann Movimiento Íbero de Liberación (Gàidhlig: Gluasad Ibearach na Saoirse), neo MIL, an dèidh na tachartasan ann am Paris sa Chèitean 1968.[5] A bharrachd air sin, bha e an sàs anns na aonaidhean-ciùird taobh Comisiones Obreras cuideachd.[6] Thoisich Salvador ris a bhith a’ sabaid ann am MIL an dèidh dà bhliadhna a chur seachad san Arm agus ceum a ghabhail ann an Eaconomachd agus Poileataigs san oilthigh.[7] Ghoideadh MIL airgead bho na bancaichean agus shiubhladh iad gu tric chun na Frainge.
Bàs
[deasaich | deasaich an tùs]Chuireadh e an greim leis a' Phoileas Speisealta ann am Barcelona air an 25mh latha dhen Shultain 1973. Gu dòrainneach, chaochail oifigear-poileis air an robh Francisco Anguas Barragán ann an sabaid doirbh le gunnaichean ann an doras flat san sràid Carrer de Girona.[8] Chaidh Puig Antich leòinte cuideachd. Fhuair e binn bàis bho Chùirte an Airm airson murt Bharragán. Dhiùlt a’ Chùirte fianais a chluinntinn a chuideachadh Puig Antich.[9] A dh’aindeoin iomairt mhòr eadar-nàiseanta gus a bheatha a shàbhaladh, chaidh e chur gu bàs aig 9:30m air an dàrna latha dhen Mhàrt 1974.[10] Bha e dìreach 25 bliadhna a dh’aois. Bha Riaghaltas na Dùthcha airson dìoghaltas fhaighinn air sgàth s’ gun do mharbh ETA ceannard Spàinnteach air an robh Carrero Blanco. Chaidh Puig Antich a thìodhlachadh ann an Cementerio de Barcelona.[11]
Meadhanan
[deasaich | deasaich an tùs]Fiolmaichean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceòl
[deasaich | deasaich an tùs]- I si canto triste (Lluís Llach i Grande, 1974).
- A Margalida (Joan Isaac, 1976)
- El año que mataron a Salvador (Loquillo, 2005)