Jump to content

Jim MacGilleEathain

O Uicipeid
Jim MacGilleEathain
Beatha
Ainm slàn James Yuille McLean
Breith Taigh na h-Uiseig, 21 dhen Ghiblean 1937
Dùthaich  Alba
Ciad chànan Beurla
Bàs Dùn Dèagh, 26 dhen Dùbhlachd 2020
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (seargadh-inntinn)
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd cluicheadair ball-coise nan comann agus manaidsear buill-choise
Eachdraidh
Clubaichean Bliadhnaichean G T
C.B. Hamaltan Acadamach1956-196012957
C.B. Chluaidh1960-196510232
C.B. Dhùn Dèagh1965-19689028
C.B. Chill Mheàrnaig1968-1970567
C.B. Dùn Dèagh Aonaichte1971-1993
 
Ionad no sònrachas toisiche a-staigh
Àirde 178 centimetre

B’ e cluicheadair agus manaidsear ball-coise Albannach a bh’ ann an Seumas Yuill MacGilleEathain, a rugadh 21 an Giblean 1937. Dh’ fhaodadh a ràdh gur esan aon de na manaidsearan Albannaich a b’ fheàrr a bh’ ann riamh, còmhla ri leithid Alex MacFhearghais, Jock Stein, ‘s mar sin air adhart. Choisinn e a chliù aig stiùir Dùn Dèagh Aonaichte fad 22 bliadhna. B’ esan am manaidsear a b’ shoirbheachaile ‘s a b’ fhaide a bh’ ann dhaibh riamh; gan toirt gu trì urraman mòra agus gan stèidheachadh mar sgioba làidir ann am farpaisean Eòrpach. Ghabh e na chathraiche anns na h-ochdadan, ‘s e fhathast na mhanaidsear cuideachd, ach leig e dheth a dhreuchd sin ann an 2000. Tha e an-dràsta gun obair làn-tìde, ach a’ sgrìobhadh colbh seachdaineil dhan ''Daily Record''. A dh’aindeoin a bheachdan fhosgarra, ‘s cho iomraiteach ‘s a bha e mar mhanaidsear cruaidh teann, agus mar a chaidh e às rud beag fhad ‘s a bha crìoch a’ tighinn air an t-saoghail-obrach aige, ‘s esan aon de na fir as measail a th’ ann fhathast ann am ball-coise na h-Alba.

Ciad Làithean 's na Làithean cluiche aige

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh MacGilleEathain ann an Taigh na h-Uiseig, Siorrachd Lannraig a Deas ann an 1937, agus chaidh àrach ann am baile beag goirid dha, Ashgill. Chuir e a-steach a thìde na fhoghlamaiche do shaor, a' leantainn air an obair seo pàirt-thìde fhad 's a bha e a' cluich ball-coise san lìog, rud nach robh na annas a-measg cluicheadairean sna 1950an 'sna 1960an. Thòisich e air an cùrsa-obrach ball-coise aige aig Hamalton Acaideamaigeach, 's e na "inside-forward". As a dhèidh seo, bha e a' cluich còmhla ri Cluaidh, Dùn Dèagh agus C.B. Cille Mhearnaig, gun a bhith a' ruigsinn an aon ìre de shoirbheachas 's a ruig a bhràthair, Tommy, ach a' nochdadh 474 tursan, 's a' cur 170 tadhalan. Leig e dheth a bhith na chluicheadair ann an 1970, a' tilleadh a Dhùn Dèagh na chòids anns an Iuchair, a' bhliadhna sin fhèin.

Dùn Dèagh Aonaichte

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Jim MacGilleEathain air 18 mìosan a chur seachad na chòids aig Pàirc Dhens nuair a thug co-strìtheach Dhùn Dèagh Dùn Dèagh Aonaichte tairgse dha dreuchd a' mhanaidsear a ghabhail anns an Dùbhlachd 1971. B'e sin an àite Jerry MacGillechiar a bha a' leigeil dheth a dhreuchd. Ghabh Jim ris an tairgse agus dh'imrich e a-null an rathaid gus tòiseachadh air obair a' mhanaidsear aig Pàirc Thanachais, aig aois 34.

A-rèir Seòras Fox agus MacGilleEathain fhèin, b' e a' chiad rud a dh' iarr e air bòrd a' chlub uaireadair-stad a cheannach dha, ach an cuireadh e feabhas air fallaineachd nan cluicheadairean.

Stèidhich e poileasaidh òigridh co-eagraichte sa bhad, poileasaidh a chuireadh a-mach mòran cluicheadairean math òg air feadh nam fichead bliadhna a lean. Chleachd e, sa chiad dol a-mach, an t-eòlas a bh' aige air saoghal ball-coise na h-Alba gus cluicheadairean fiosrachail a cheannach, a leigeadh leis an sgioba agus an stoidhle cluich ath-chruthachadh a dh' aon inntinn leis an dòigh còidseadh aige.

Cha b' e ach ìre meadhanach-math a ruig an club an toiseach, a' mairsinn mu mheadhan an lìog fad corra bhliadhna eile. B' e a' chiad tuigse air an soirbheas a bhuinigeadh MacGilleEathain san àm ri teachd, nuair a stiùireadh an club gu a chiad cuairt dheireannach riamh de Chupa na h-Alba ann an 1974. Ged a chaill an club, b' e ceum mòr saidhg-eòlach a bh' ann a thaobh eòlas Mhic'illeathain agus leasachadh a' chlub. Thogadh air piseach siubhal a' Chupa san ath-ràith, a' crìochnachadh san ceathramh àite; b' e sin an crìoch a b' fheàrr a rinn an club a-riamh ann an Ciad Roinn na h-Alba ro ath-dhealbhachadh nan lìogan.

Bha toradh poileasaidh òigridh Mhic'illeathain ri fhaicinn, agus bha grunn cluicheadairean math òg a' togail an cinn a-nis. Chuir MacGilleEathain roimhe gum bu chòir dhan sgioba aige a bhith a' gabhail os làimh dùbhlan Urram an Lìog ann an 1978-79. Cha b' e seo club a bha riamh comasach air farpais mòr a ghlèidheadh, 's iad fada beò fo sgàil a' chlub co-stritheach aca, seann fhasdaichean Mhic'illeathain, Dùn Dèagh; ach an dèidh crìoch truagh sa chiad ràith den Phrìomh Roinn ùr , thòisich Aonaichte air dearbhadh gur dh'fhaoidte gum biodh e an comas dhaibh urraman na dùthcha a ghlèidheadh.

Stiùir MacGilleEathain an sgioba aige gu buaidh ann an Cupa an Lìog san Dùbhlachd, 1979 's ga ghlèidheadh a-rithist bliadhna as a dhèidh sin. Bha MacGilleEathain a' cosnadh cliù dhan chlub san Roinn-Eòrpa beag air bheag, air dhaibh tighinn gu n-inbhe ann am ball-coise na h-Alba. Rinn iad an gnothach le dèanadas drùidhteach air sgiobannan leithid AS Monaco, Borussia Mönchengladbach, PSV Eindhoven, Anderlecht agus Werder Bremen. Fhreagair an stoidhle bac-ionnsaigh, a bha e fhèin air dhealbhachadh, an ìre sin gu mòr.

Na 80an, agus Soirbheas

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a bha MacGilleEathain air an club a thoirt air adhart gu mòr, cha robh mòran am beachd gun tugadh iad buaidh ann an Urram a' Phrìomh Roinn; a thuilleadh air an Old Firm, bha sgioba Alex MacFhearghais, C.B. Obar Dheathain, a' fàs mòr cuideachd.

Rinn sgioba Mhic'illeathain, a bha gu ìre mhòr ionadail, dìreach sin ge-tà ann an 1983, a' faighinn a' bhuannachd às ruith mhath, fada dhen ràith, a dh' fhàg na clubaichean eile sin air an deireadh, agus a' cluich ball-coise ionnsaigheach mòr-mhùirneach aig an aon àm. Bha MacGilleEathain ag obair na neach-cuideachaidh do Jock Stein mar mhanaidsear na h-Alba aig an àm sin cuideachd.

Thug Rangers, a bh' air a dhol bho rath sna beagan bliadhnaichean a chaidh roimhe, tairgse dha dreuchd a' mhanaidsear a ghabhail aig Ibrox. 'S ann a ghabh MacGilleEathain an sàs ann an còmhradh leis a' chlub mòr seo à Glaschu, ach 's e na bha a' cur dragh air, am poileasaidh aig Rangers gun Chaitligich fhastadh. Am barail Mhic'illeathain, b' e bacadh gòrach a bh' anns a' phoileasaidh sin do dh' fhastaiche sam bith, 's e fhèin air iomadh Chaitligeach comasach fhastadh do Dhùn Dèagh Aonaichte. Ged a chaidh cathraiche Rangers an ràthan gun cuireadh am poileasaidh seachad nan gabhadh e ris an dreuchd, chuir MacGilleEathain roimhe gun robh e sàsaichte aig Aonaichte, 's an teaglach aige suidhichte sona ann am Bruach Tatha, Dùn Dèagh. Dhiùlt MacGilleEathain tairgse eile à Newcastle United san Òg-mhios, 1984.

An dèidh don sgioba aige an Lìog a bhuannachadh ann an 1983, thug iad an ciad theachd a-mach ann an Cupa na h-Eòrpa. 'S ann a thug rang-eòlas bac-ionnsaigheach Mhic'illeathain, còmhla ri stoidle teannachail a-mach toraidhean math ainmeil ann an iomairt Eòrpach na bliadhna sin. Mhisnich MacGilleEathain an sgioba aige gu iar-chuairt dheireannach farpais na bliadhna sin, 's cha b' e ach breab-pheanais a chuir stad orra àite fhaighinn sa chuairt dheireannach. Thug MacGilleEathain Aonaichte gu cuairt dheireannach Eòrpach mu dheireadh thall trì bliadhna as a dhèidh sin - Cupa UEFA an turas seo. Leanadh MacGilleathain air, a' socrachadh inbhe àrd Aonaichte ann am ball-coise na dùthcha, gun a bhith a' crìochnachadh fon cheithir clubaichean a b' àirde ach aon turas a-mhàin. Thug e an sgioba gu còig a bharrachd cuairtean dheireannaich Cupa na h-Alba, ach gu mì-fhortanach, dh' fhairtlich air an sgioba aige a stiùireadh seachad air an ceum mu dheireadh.

Air cùlaibh gnothaichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Chòmharraich bòrd Dhùn Dèagh Aonaichte mar cho mòr 's a bha iad am fiachaibh Jim MacGilleEathain, le bhith ga dhèanamh na stiùiriche ann an 1984; chaidh e na chathraiche agus na stiùiriche riaghlaidh ceithir bliadhna an dèidh seo. Bha e a' glèidheadh nan co-dhleastanasan sin gus an do dh' fhàg e dreuchd a' mhanaidsear san Iuchair, 1993, as dèidh linn mhòr fhada de 21 bliadhnaichean agus seachd mìosan. Mhair e na chathraiche air feadh nan 1990an.

Bhathas ag ràdh gun robh MacGilleEathain a' gabhail tuilleadh 's a chòir suim ann an gnothaichean an sgioba bhon a leig e dheth dreuchd a' mhanaidsear, agus dh'fhaoidte gum b'e seo na shamhla air cho mòr 's a bha e a' mionnach air làithean an t-soirbheis a thoirt air ais gu club a ghaoil a-rithist. 'S mathaid gur e bacadh a bh' ann an seo do chuid de mhanaidsearan, cuideam a bharrachd orra bho phearsa mhòr seann-sgeulach a' chlub a ghiùlan. Bhathas a' cur iongnadh air daoine nuair a thug MacGilleEathain, 's e na chathraiche, dreuchd a' mhanaidsear do a bhràthair, Tommy ann an 1996, beagan làithean an dèidh dha obair ùr manaidsear Raith Rovers thòiseachadh. Sheas na rinn e ris ge-tà, oir thug Tommy an club bho raon a' relegation dhan 3mh àite, air ais ann an Eòrpa 's gu cuairt dheireannach Cupa an Lìog san ràith a lean. Nuair a leig Tommy dheth a dhreuchd san t-Sultain 1998, bha cuid teagmhach air co-dhiù bha an sreath de dhroch thoraidhean a bh' aige bho chionn ghoirid, na aon-adhbhar dha fhàgail.

Bha cuid de luchd-leantainn Aonaichte ag iomairt gus MacGilleEathain agus co-bhuill a' bhùird a chur à rèim a' chlub aig deireadh na naochadan, le sùil ri ath-bheòthachadh a' chlub. Gidheadh, bha cuid mhath den luchd-leantainn ann a bha daonnan a' cumail dìleas do Mhic'illeathain.

Leigeil dheth

[deasaich | deasaich an tùs]

Mhair e na chathraiche gus an deach ìmpis a thoirt air ga leigeil dheth, an dèidh dha seasamh mu choinneimh neach-aithris BBC Alba, John Barnes, beò air an telebhisean. Thug e ionnsaigh air an fhear-aithris air sàilleibh ceistean a bha sgrùdach, leantainneach, ach gun a bhith neo-chothromach. Dh' iarr MacGilleEathain maitheanas air na rinn e. Mhair e na shealbhadair a' chlub dà bhliadhna eile, 's an uairsin reic e a chuid chòirichean ri Eddie MacThòmais.

Ged a dh' fhàg e Tanachais fo sgàil mì-chàilear, 's e an rud as motha a bhios luchd-leantainn a' toirt leotha fhathast, gum b' esan a thug club meadhanach-math gun duais agus gun ach beagan eòlais ann an Eòrpa gu Urram Lìog na h-Alba, 10 cuairtean dheireannaich cupaichean na dùthcha, cuairt dheireannach Cupa UEFA agus gu mòran ràithean a bharrachd de bhall-coise Eòrpach.

Bhon a leig e dheth a dhreuchd, tha e a' sgrìobhadh colbh buill-choise anns an ''Daily Record'', a' tarraing bhon 50 bliadhnaichean a bh' aige ann am ball-coise na h-Alba gus barail a thoirt air gnothaichean an latha-an-diugh anns a' gheama. Tha e air "Jousting with Giants" a sgrìobhadh cuideachd còmhla ri Kevin O' Gallchòir (ISBN 1-85158-088-3), leabhar fèin-eachdraidh agus cunntas air an àm a chur e seachad aig Dùn Dèagh Aonaichte.

B'e a' chiad gheama a bh' aige do Dhùn Dèagh, air 11 Sultain, 1965 aig Pàirc Dhens, nuair a dh' fhulaing Dùn Dèagh an call a bu mhotha a-riamh ri an co-strìtheach aca, Dùn Dèagh Aonaichte(5-0).