Granada
Granada
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Granada | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 37° 10' 41 Tuath 03° 36' 03 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 88 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 237,929 (2009) | ||||
Dlùths | 2,703.74/km² | ||||
Àireamh fòn | + 00 958 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.granada.org |
‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann an Granada (IPA: ' ɡɾa'naða). Tha e suidhichte aig 658m os cionn ìre na mara,[1] aig inbhir na h-aibhnichean Beiro, Darro agus Genil.[2] Tha Granada 367km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 211km bho Shevilla.[3] Tha am baile air an àirde an ear-dheas Andalusia. Tha 237,929 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] an treas baile as motha ann an Andalusia agus an 19mh baile as motha na Spàinne. [5]
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil freumh-fhaclachd an ainm soilleir. Tha e coltach gur ann à Gar-anat (Gàidhlig: Cnoc na Luchd-taistealachd) ann an Arabais a tha an t-ainm. A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Garnatum ann an Laideann agus gu bheil sin a’ ciallachadh ruadh no gràn-ubhal:[6] Tha gràn-ubhal air seula a' bhaile agus tha ùir ruadh pailt san sgìre.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936,[8] ged a bha an corr dhen roinne dealas dhan Phoblachd.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Granada.[9] Cha tuit ach 365mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 807mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite àrd tioram a th' annː
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Badajoz, An Spàinn
- Belo Horizonte, Braisil
- Sharjah, Na h-Iomaratan Arabach Aonaichte
- Aix-en-Provence, An Fhraing
- Coral Gables Florida[10]
- Marrakesh, Maroco
- Tetuan, Maroco
- Freiburg im Breisgau, A' Ghearmailt
- Tlemcen, Aildiria
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Universidad de Granada
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Nueva Acropolis
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Aemet
- ↑ SisterCities