Jump to content

Diùcachd Oldenburg

O Uicipeid
Diùcachd Oldenburg
Herzogtum Oldenburg
  17741810  
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1774
Bliadhna mu Dheireadh 1810
Prìomh-Bhaile Oldenburg
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis

B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach am broinn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe (gu ruige 1806) anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Diùcachd Oldenburg (Gearmailtis: Herzogtum Oldenburg) eadar 1774 agus 1810. Bha e na bhall Co-chaidreachas na Rèine[1] gu ruige 1810, nuair a ghabh An Fhraing Oldenburg os làimh. Chaidh a ath-chruthachadh ann an 1814 mar Àrd-Diùcachd. B’ e Oldenburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an Teaghlach uasal Holstein-Gottorp a bha os a cionn.[2]

Ann an 1853 chuir Riaghaltasan na Pruise agus na Diùcachd Oldenburg ainmean gu Còrdadh Jade (Gearmailtis: Jade-Vertrag),[3] a thug 3.13km² dhe talamh ri taobh Bàgh Jade dhan Phruis, far a bheil Wilhelmshaven an-diugh.

Ceannardan na stàite

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Friedrich Augustus (1774 – 1785)
  • Peter Friedrich Wilhelm (1785 – 1810)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Napoleon
  2. Almanach de Gotha
  3. NWZ Online