Cùil Lodair
Cùil Lodair | |
Clach-chuimhe air Cath-làrach Chùil Lodair | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Inbhir Nis |
Co-chomharran | 57° 29′ 22.99″ Tuath 4° 8′ 7.15″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH7201746374 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,064 (2001) |
Còd-puist | IV2 5 |
Duilleag oifigeil | http://www.nts.org.uk/Visit/Cuil-Lodair (Gàidhlig) |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Cùil Lodair (Beurla: Culloden).[1] Tha am baile suidhichte mu 3 mìltean air àird an ear Inbhir Nis.
Tha e coltach gur e Cùil Lodair a bhʼ air an àite an toiseach, bhon fhacal Ghàidhlig “lodan”, ainm a chaidh a ghléidheadh sa Bheurla “Culloden”, ach ron àm a thachair am blàr ainmeil an sin san 18mh Linn bha an t-ainm air atharrachadh sa Ghàidhlig gu Cùil Lodair.[2]
Anns a' bhliadhna 2001 bha 4,064 duine a' fuireach an seo.[3] Tha Sgìre Chùil Lodair a' gabhail a-steach trì coimhearsnachdan eile: Balloch, Smithton agus Westhill.
Bho thùs bha taighean fearann (estate houses) ann a chaidh a thogail timcheall air Culloden House a tha na thaigh-òsta a-nis. Cleachdar na seann stàballan mar taighean air mhàl an-diugh airson daoine a tha air saor-làithean. Cleachdar an seann sabhal ris an canar tithe barn mar eaglais an-diugh. Tha an eaglais aig Eaglais na h-Alba.
Tha Dhruim Athaisidh (Beurla: Drummossie Moor) mu thrì mìltean air àird a deas Chùil Lodair. 'S e sin an t-àite far an do thachair Blàr Chùil Lodair. Tha cath-làrach Chùil Lodair fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba agus tha an ionad-fiosrachaidh a’ tarraing mòran luchd-turais gach bliadhna. Chaidh ionad eadar-oibreachadh ùr a dh’fhosgladh 16 an Giblean 2008.
Timcheall air a’ chath-làrach tha tobraichean ann. Tha an "clootie well" anns na coilltean Chùil Lodair agus tè eile faisg air Munlochy. Mu mhìle deas air a' chath-làrach tha Càrn Chlabhalag (Cairns of Clava) ann.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 35, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Ruairidh MacIlleathain: Litir do Luchd-ionnsachaidh 128
- ↑ Scotland's Census Result OnLine[dead link]