Dlighe Ohm
Dlighe dhealain, stèidhichte anns a chiad dol a-mach le Georg Ohm (1787-1854) ollamh de feallsanachd-nàdurra aig München.
Tha Dlighe Ohm ag aithris: Ann an cuairt-dhealain, nuair a bhitheas bruthachd-dhealain (Bholtachd) ag iomain sruth-dhealain tro bacadair, bithidh an sruth-dhealain a rèir am bruthachd-dhealain roinnte le luach a’ bhacadair.
Riochdar seo leis a’ cho-ionnanachd
- V/B = I
Far a bheil:
- V a’ comharraich bruthachd-dhealain [Aonad = Bholta (V)]
- I a’ comharraich Sruth-Dhealain iomainichte [Aonad = Ampere (A)]
- B a’ comharraich Bacadh-dhealain [Aonad = Ohm (Ω)].
Mar is tric sgrìobhar an co-ionnachd anns an cruth:
- Bholtachd = Sruth x Bacadh
- V = I × B
Tha an cruth seo feumail ri lorg am Bholtachd a tha dith a dh’iomain sruth-dhealain sonraichte tro bacadair de luach ro-stèidhichte.
Tha Dlighe Ohm bunaiteach ri sgoil-dhealain agus ri innleadaireachd-dhealanachd.