Jump to content

Tibirita

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Tibiritá)
Tibirita
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Co-chomharran
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,888 (2005)
Duilleag oifigeil Riaghaltas Tibarita

‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia, a th’ann Tibirita. Tha e suidhichte anns a’ cheàrn Almeidas, aig 121 km bho Bogotá. Tha àireamh-shluaigh dhe 2,888[2] aige. Tha e suidhichte air an ear-thuatha na roinne, aig 1,980m os cionn ìre na mhara. Tha teodhachd mheadhanach dhe 18 Celsius air feadh a' bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1593.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 3,018 nan tàmh anns a' bhaile, tha 2,513 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireamh-shluaigh traidiseanta a th’ann an Tibitita fhathast.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Tibirita. ' S urrainn dhan 85.6% dhe na daoine ann an Tibirita leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 6.6% dhe na dachannan.[5]

  • Obair-ciùird: Obair-chreadha agus clò ann an clòimh agus snàthainnean fique.
  • Taigh a’ Chultair: far a bheil an dealbh-ball "Los Promeseros".
  • Eas uisge La Toloca
  • Uisgeachan Las Termales
  • Seallaidhean brèagha air beinn ris an canar Cerro del Volador
  • Ceàrnag ann am meadhan a’ bhaile: Con piso en lajas naturales.

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Titibita. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mapa na Roinne
  2. Cunntas-sluaigh 2005: Tibirita
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia