Jump to content

Paramadair

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Paraimeatair)

Is e luach cunbhalach a tha ann am paramadair. Tha e stèidhichte airson feart de siostam fa-leth. Mar sin tha paramadair mar crìoch do shiostam.

Cleachdar paramadairean gu mòr ann an deuchainnean fiosag agus ann an innleadaireachd.

Tha gèidse de shiostam rathad-iarainn na h-eisimpleir simplidh ann an innleadaireachd. Is e a tha ann an gèidse an astar eadar na iarainnean. Feumaidh don gèidse a bhi cunbhalach air feadh siostam rathad iarrainn. Is paramadair shiostaim a tha ann. Gu dearbh, Tha an gèidse na phrìomh pharamadair do siostam rathaidean-iarainn sam bith.

Tha gèidse de na prìomh rathaidean-iarainn ann an Èirinn 1600mm. Tha rathaidean-iarainn aig Bòrd na Mona, ach chan eil an gèidse aca ach 915mm. Mar sin chan urrainn do thrèanaichean aig Iarnród Éireann a ruith air rathaidean-iarainn Bòrd na Mona, ach is urrainn dhaibh a ruith air Northern Ireland Railways.