Inbhir Àir
Inbhir Àir | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Siorrachd Inbhir Àir |
Co-chomharran | 55° 27′ 30.78″ Tuath 4° 37′ 47.36″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 46,050 (2006) |
Àireamh fòn | 01292 |
Duilleag oifigeil | www.south-ayrshire.gov.uk |
'S e baile ann a deas na h-Alba a th' ann an Inbhir Àir (Beurla: Ayr). Tha an ath ann an deas de Inbhir Àir baile beag agus iomall baile, Allmhaigh, ceangailte ri Raibeart Burns. Tha am prìomh-oifis do Chomhairle Shiorrachd Àir a Deas ann agus bha prìomh-oifis do Shiorrachd Inbhir Àir ann. Tha e faisg air Preastabhaig agus am Port Adhair Preastabhaig.
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Tha trì rathaidean mòra ann an Inbhir Àir:
- A79 — prìomh-rathad a' ceangail Inbhir Àir le Preastabhaig agus am port-adhair.
- A77(M77) — seach-rathad eadar Glaschu agus An t-Sron Reamhar.
- A70 — Inbhir Àir gu Dùn Èideann.
Tha seirbheisean trèana a' dol gu Stèisean Meadhan Ghlaschu gach leth-uair gach là o stèisean Inbhir Àir. Tha seirbheisean gu An t-Sròn Reamhar, Inbhir Gharbhain, Cille Mheàrnaig agus An Caisteal Nuadh ann cuideachd.
Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Àir anns a’ bhliadhna 1973.
Chaidh a’ chòisir a chur air bhonn sna 1950an le Dòmhnall MacÌosaig à Diùra, aig an robh taigh-òsta an Durward air Prestwick Road. B’ e sàr sheinneadair ainmeil a bh' ann an Dòmhnall fhéin, anns na 1950an agus 1960an. Bha e pòsta aig Màiri Nic a' Mhaoilein, tè de pheathraichean Nic a’ Mhaoilein à Muile. Chaidh a' chòisir ma sgaoil ann am meadhan na 1960an nuair a chaochail Dòmhnall.[1]
Spòrs
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Inbhir Àir Aonaichte na sgioba ball-coise ann an Inbhir Àir is tha iad a' cluich aig Pàirc Somerset agus Dara Roinn na h-Alba. Tha am baile agus Siorrachd Inbhir Àir ainmeil airson goilf agus tha am baile ainmeil airson cùrsa-rèis. Is e Ayr Racecourse an cùrsa-rèis as motha ann an Albainn.
Sgìrean Phàrlamaid
[deasaich | deasaich an tùs]- Inbhir Àir (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
- Inbhir Àir, Carraig agus Cumnaig (sgìre Phàrlamaid Westminster)
Gailearaidh
[deasaich | deasaich an tùs]-
Gearradh-arm
-
Clach-dhealbh Raibeart Burns
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Còisir Òg Ghàidhlig Inbhir Àir”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2024.