An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "CLÀR"
b →Ceanglaichean a-mach: fiosrachadh a bharrachd |
|||
Loidhne 23: | Loidhne 23: | ||
* [https://books.google.co.uk/books/about?id=-PcBEAAAQBAJ CLÀR independent Scottish Gaelic publisher 1996-2021] |
* [https://books.google.co.uk/books/about?id=-PcBEAAAQBAJ CLÀR independent Scottish Gaelic publisher 1996-2021] |
||
* [http://drilseach.net/2013/04/29/bogadh-punc-ann-an-dun-eideann/ Air Cuan Dubh Drilseach launch - Tim Armstrong/CLAR Gaelic science fiction collaboration] |
* [http://drilseach.net/2013/04/29/bogadh-punc-ann-an-dun-eideann/ Air Cuan Dubh Drilseach launch - Tim Armstrong/CLAR Gaelic science fiction collaboration] |
||
* [https://vimeo.com/509483221 Bhidio ghoirid - leabhraichean 1996-2021 CLÀR] |
|||
[[Roinn-seòrsa:Cultar]] |
[[Roinn-seòrsa:Cultar]] |
||
[[Roinn-seòrsa:Gàidhlig]] |
[[Roinn-seòrsa:Gàidhlig]] |
Mùthadh on 23:30, 15 dhen Dùbhlachd 2022
'S e foillsichear Gàidhlig a th' ann an CLÀR . Chaidh an companaidh a chur air bhog ann an 1996 gu saor-thoileach agus gu neo-eisimeileach. 'S ann mar sin a tha iad fhathast. Tha CLÀR stèidhichte an Inbhir Nis, Alba. 'S e am foillsichear a th'ann airson Ùr-sgeul , pròiseact le cuideam air ficsean ùr [1]
Poileasaidh foillseachaidh
Tha CLÀR a' cur cuideam làidir air leabhraichean agus foillsichidhean ann an Gàidhlig a-mhàin. 'S ann ainneamh a bhios iad a' foillseachadh ann am Beurla neo anns an dà chànan còmhla. A bharrachd air Ùr-sgeul, tha CLÀR a' foillseachadh sgeulachdan goirid agus nobhailean do dh'inbhich, leithid Air Cuan Dubh Drilseach bho'n sgrìobhadair Tim Armstrong[2] (a bha uaireigin ann am Mill a h-Uile Rud). Tha iad a' foillseachadh rosg eile bho ùghdaran leithid Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, Màiri Nic a' Ghobhainn agus Dòmhnall Meek.[3] A-measg nan cruinnichidhean bàrdachd a chaidh fhoillseachadh le CLÀR, tha Beatha Ùr le Niall O'Gallagher, a nochd ann an 2013. Cha bhi CLÀR a' foillseachadh leabhraichean-cloinne.
1996-2021
Chaidh faisg air 80 leabhar Gàidhlig fhoillseachadh le CLÀR eadar 1996-2021, bho chòrr is 90 ùghdar eadar-dhealaichte (còrr is 60 boireannach), agus tha leabhar-fiosrachaidh Na Leabhraichean Gàidhlig - 25 Bliadhna ann a tha a' mineachadh mar a chaidh le foillsichidhean CLÀR thar nam bliadhnachan sin.[4] Bha Lisa Storey an luib CLÀR fad na 25 bliadhna, ach tha i a-nis air sgur aig CLÀR, is i os cionn Clò Phabaigh.[5]
Eadar-nàiseanta
Tha CLÀR air co-obrachadh a dhèanamh aig ìre eadar-nàiseanta, mar eisimpleir còmhla ris an sgrìobhadair Eireannach Ré Ó Laighléis, agus an leabhar aige Ecstasy agus sgeulachdan eile, a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Beathag Mhoireasdan. foillsichte le CLÀR ann an 2004. Bhuannaig Ecstasy agus sgeulachdan eile urram anns na Duaisean CBI Book of the Year Awards ('s e am Bisto Book of The Year Merit Award a b'abhaist a bhith orra), na Duaisean Litreachais European White Ravens, an Duais Litreachais NAMLLA (na Stàitean Aonaichte) agus Duaisean Oireachtas na Gaeilge.[6] Bho chionn ghoirid, chaidh Air Cuan Dubh Drilseach eadar-theangachadh agus fhoillseachadh ann an Gaeilge, leis an ainm Tinte na Farraige Duibhe. Chaidh fhoillseachadh le Leabhar Breac ann an 2020.
Sgrìobhadairean Gàidhlig
Tha moran sgrìobhadairean Gàidhlig air a bhith foillsichte le CLÀR, nam measg Meg Bateman, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair), Tormod Caimbeul (Tormod a' Bhocsair) , Catrìona Lexy Chaimbeul, Alison Lang, Donnchadh MacGIllIosa, Màiri Anna NicDhòmhnaill. Màrtainn Mac an t-Saoir, Pàdraig MacAoidh, Tormod MacGill-Eain, Finlay MacLeod, Iain F. Macleòid, Norma NicLeòid, Des Scholes agus Roy Wentworth nach maireann.
Duaisean
Tha grunn leabhraichean foillsichte le CLÀR air duaisean fhaighinn, neo tha iad air a bhith air gearr-liosta farpaisean-litreachais, leithid Duaisean Litreachais an Saltire Society. Ann an 2003, bhuannaig Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, foillsichte le CLÀR/Ùr-sgeul, Duais an Saltire Society airson 'Ciad Leabhar na Bliadhna' [7] B' e Gormshuil an Rìgh le An Dr Fionnlagh MacLeòid a rinn an gnothach anns a' chiad bhliadhna de Duais Dhòmhnaill Meek, a chaidh a chumail aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann ann an 2010. Ann an 2013, chaidh aig Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile le Donnchadh MacGillIosa, agus Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong, air aite fhaighinn air Geàrr-liosta Dhuaisean Comann Crann na h-Alba.[8] Bhuannaig Air Cuan Dubh Drilseach an duais 'Ciad Leabhar na Bliadhna'.
Tùsan
- ↑ Storey, John (March 2007). "Ùr-Sgeul: Ag Ùrachadh Litreachas is Cultar na Gàidhlig . . . Dè an Ath Cheum?" (PDF). Seminars on Research on Language Policy and Language Planning. Oilthigh Dhùn Èideann - Celtic and Scottish Studies. Retrieved 31 July 2012.
- ↑ Armstrong, Tim (An Giblean 2013): “Bogadh Punc ann an Dun Eideann”. DRILSEACH. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2013.
- ↑ Storey, Lisa (Am Faoilleach 2013): “CLÀR publishing programme past and future (Scottish Gaelic)”. CLÀR.
- ↑ Lisa Storey agus Catriona Mhoireach (2021): Na Leabhraichean Gàidhlig - 25 Bliadhna: CLÀR - 25 years of Gaelic publishing. CLÀR, td. 5. ISBN 978-1838233709.
- ↑ Storey, Liza. "Ùghdaran Bhatarsaigh agus na Raiders". Bhatarsaigh. Retrieved December 14, 2022.
- ↑ Moinin (March 2007). "Ré Ó Laighléis". Retrieved 23 January 2013.
- ↑ Saltire Society. "Past Winners 2003". Retrieved 23 January 2013.
- ↑ Gasaet Steornabhaigh (An t-Samhain 2013). "2013 Literary Awards for Lewis Authors". Gasaet Steornabhaigh. Retrieved 12 an t-Samhain 2013.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
and|date=
(help); Cite has empty unknown parameter:|1=
(help)