Afraga a Deas
'S e dùthaich ann an ceann a deas Afraga a th' ann an Afraga a Deas[2][3][4] ainm oifigeil: Poblachd Afraga a Deas.[5][6] Tha mu 45 millean duine a' fuireach anns an dùthaich seo. Tha Afraga a Deas ri taobh Naimibia, Botsuana, Siombabue, Mòsaimbic agus Dùthaich nan Suasaidh. Tha dùthaich bheag air a chuairteachadh le Afraga a Deas, 's e Leasoto a tha oirre. B' e Nelson Mandela an duine as cliùitiche aig Afraga a Deas. Bha e na cheann-suidhe bho 1994 gu 1999.
Republic of South Africa IRiphabliki yaseNingizimu Afrika Republiek van Suid-Afrika | |
---|---|
Bratach |
[[Faidhle:|70px]] Lùireach |
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
!ke e: ǀxarra ǁke (Khoisan den cànan /Xam) Aonaibh Daoine Easgamhail! | |
Cànan(an) oifigeil | Afrikaans, Beurla, Sulu, Xhosa, Suasai, Ndebele, Soto, Soto Tuath, Tsonga, Tsuana agus Bhenda |
Prìomh-bhaile | Cape Town (reachdail) Bloemfontein (breithneachail) Pretoria (riochdachail) |
Baile as motha | Johannesburg (2006)[1] |
Riaghaltas | Poblachd phàrlamaideach |
Ceann-suidhe | Kgalema Motlanthe |
Leas- cheann-suidhe | Baleka Mbete |
Cathraiche | M. J. Mahlangu |
Neach-labhairt | Gwen Mahlangu-Nkabinde |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd
bhon Rìoghachd Aonaichte |
31 an Cèitean 1910 |
Stèidhichte mar Aonadh Afraga a Deas | 31 an Cèitean 1910 |
Chaidh e ann an Poblach Afraga a Deas | 10 an Cèitean 1961 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 1,221,037 km² (25mh) |
Àireamh-shluaigh (2007) | |
Iomlan | 47.9 millean (25mh) |
Dlùths | 39/km² (136mh) |
LTD/CCC (2007) | |
gach pearsa | $13,300 (56mh) |
Roinn tìde | SAST (UTC+2) |
Ruith-airgid | Rand |
Prìomh àrainn-lìn | .za |
Còd Àireamh fòn | 27 |
Bailtean
'S e Johannesburg am baile as motha a th' ann; tha trì prìomh-bhailtean aig Afraga a Deas, agus 's iad Cape Town, Pretoria agus Bloemfontein. A bharrachd air sin, tha iomadach baile eile ann, mar Mbewuleni, Mvezo, Paul Roux agus Qunu.
Cànain
Tha aon chànan deug ann: Afraganais, Beurla, isiNdebele, Xhosa, Zulu, Swati, Setswana, Sesotho, Sesotho sa Leboa, Tshivenda agus Xitsonga. Ri linn seo, tha ainm oifigeil fa leth aig gach cànan air an dùthaich.
Eaconomaidh
Tha sgaradh mòr ann an eaconomaidh Afraga a Deas eadar coitcheannan a' Chiad Shaoghail agus an Treasamh Saoghail. Tha na roinnean leasaichte den eaconomaidh gu math coltach ris an fheadhainn aig dùthchannan beartach, den leithid an Rìoghachd Aonaichte no Astràilia. Tha a' chuid eile nas dlùithe ris na dùthchannan bochda, mar na h-Innseachan no Pagastàn. 'S e mèinnearachd (airson a' mhòr chuid daoimean agus òr), càraichean agus urrasachd na prìomh gnìomhachasan a th' ann an Afraga a Deas.
Armachd
'S e an armachd as treasa ann an Ceann a Deas Afraga a tha aig Afraga a Deas. Tha e a' cosg barrachd air Armachd na nàbaidh sam bith aige agus ri linn seo 's e an teicneòlas as adhartaiche a tha anns an roinn aige. B' àbhaist armachd niùclasach a bhith aig Afraga a Deas ach chaidh an cur à feum ann an 1993.
Duilgheadasan le HIV
Tha mòran dhaoine ann an Afraga a Deas a' fulang le HIV agus AIDS. Tha an suidheachadh gu math èiginneach le còrr is fichead às a' cheud anns an t-sluagh a' fulang leatha.
Spòrs
'S e Criogaid, Rugbaidh agus Ball-coise na spòrs as motha ann an Afraga a Deas. Nuair a bha Apartheid ann, bha bacadh air sgioban spòrs à Afraga a Deas.
Ainmean Eile
Tha 11 chànan oifigeil eile aig Afraga a Deas.
- Republiek van Suid-Afrika (Afrikaans)
- Republic of South Africa (Beurla)
- IRiphabliki yeSewula Afrika (IsiNdebele)
- IRiphabliki yaseMzantsi Afrika (IsiXhosa)
- IRiphabliki yaseNingizimu Afrika (IsiZulu)
- Rephaboliki ya Afrika-Borwa (Sepedi)
- Rephaboliki ya Afrika Borwa (Sesotho)
- Rephaboliki ya Aforika Borwa (Setswana)
- IRiphabhulikhi yeNingizimu Afrika (SiSwati)
- Riphabuḽiki ya Afurika Tshipembe (Tshivenda)
- Riphabliki ra Afrika Dzonga (Xitsonga)
Iomraidhean
- ↑ Àireamh-shuaigh nam bailtean
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714